teampall from Teampall by Maigheach
Tracklist
| 5. | teampall | 4:09 |
Lyrics
Rinn mi leac-ìobairt de gheugan a thuit bhon chraoibh
Mar nach robh iad a’ faighinn fàilte far a dh'fhàs iad
Cuiridh mi coinneal nam measg
Cuiridh mi coinneal nam measg
Bheir mi a sholas is a bhlàths dhomh fhèin
Glèidhidh mi iad
Glèidhidh mi iad dhut
Rinn mi nead den t-seann fhacail a theich far ar cuimhne
Mar a rug ar teangannan air cainnt ùr far nach till sinn
Togaidh mi teampall dhiubh
Togaidh mi teampall dhiubh
Thig mi ann lem ùrnaighean is caithream dhut fhèin
Fairichidh mi
Fairichidh mi thu
Rinn mi bile de dhòchas ùr a rugadh nar cridhe naomh
Chuir mi innte gort is ailm, onn is luis far am bi mi
Fannaidh mi ann san àite
Fannaidh mi ann san àite
Bidh e fiùranta beartach dhuinn fhèin
Chì an dithis againn
Chì an dithis againn dàn
Rinn mi cridhe lem chorragan a làimhsich gu cearbach fìrinn
Chuir mi ann ceartas is cuimhne, anail is do chaomhalachd
Seinnidh mi òrain blàtha
Seinnidh mi òrain blàtha
Thèid mi lem binneas òir dhomh fhèin
Tarraingidh tu
Tarraingidh tu mi








